40 cosnadh ann an cunnart aig muileann-sàbhaidh

  • Air fhoillseachadh
Muileann-sàbhaidh BSW ann an Coit a' GhartainTùs an deilbh, BSW

Tha 40 cosnadh ann an cunnart aig muileann-sàbhaidh ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh as dèidh don chompanaidh leis a bheil e innse gu bheil iad am beachd a dhùnadh.

Thuirt a' Bhuidheann BSW, aig a bheil prìomh-oifis sna Crìochan, gun dùin iad an làrach ann an Coit a' Ghartain aig deireadh na Sultaine gus an gnìomhachas aca a dhèanamh nas seasmhaiche.

Thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh seo air sgàth agus mar a tha gnìomhachas an fhiodha gu h-eadar-nàiseanta air crìonadh.

Cosgaisean

'S e measgachadh de ghrunn rudan a dh'adhbhraich an suidheachadh sin, a rèir na companaidh - am pandemic, an cogadh san Ucràin, cosgaisean cumhachd a' sìor èirigh agus na cosgaisean bith-beò as àirde ann an 40 bliadhna.

Caillidh 40 duine an cuid cosnaidh aig deireadh na Sultaine ma dhùineas am muileann.

Thuirt Àrd-oifigear BSW, Tony Hackney, gun robh e duilich mun mhì-chinnt a bha seo ag adhbhrachadh ach thuirt e gum biodh an gnìomhachas na bu sheasmhaiche agus na bu shoirbheachaile ri linn.

Tha seachd muileannan-sàbhaidh aig BSW air feadh na Rìoghachd Aonaichte, am fear as motha sa Ghearasdan.

Ann an 2021 chaidh an ceannach leis a' chonglomorait Ostaireach, Binderholz, a' chompanaidh as motha san Roinn Eòrpa a tha ri sàbhadh agus giullachd fiodha.