Dh'ainmicheadh triùir a bhàsaich

  • Air fhoillseachadh
Làrach na tubaisteTùs an deilbh, JASPERIMAGE
Fo-thiotal an deilbh,
Thachair an tubaist aig Sloc Muice

Dh'ainmich na Poilis an triùir a bhàsaich ann an tubaist-rathaid air an A9 Dimàirt.

Thachair an tubaist mu 11:40m aig Sloc Muice eadar Ford Fiesta agus Mecedes C Class dubh.

Chaidh Dàibhidh Mac a' Phearsain, 68, a bha a' dràibheadh a' Fiesta, a ghairm marbh aig an làraich.

Thugadh a bhean Elza Nic a' Phearsain, 64, agus an ogha a bha dà bhliadhna de dh'aois, a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, far an do chaochail iad.

Thugadh fireannach, 67, agus boireannach, 65, a bha a' siubhal sa Mhercedes dhubh dhan ospadal cuideachd 's iad air an goirteachadh, agus tha luchd-meadaigeach ag ràdh gu bheil iad seasmhach.

Bha Mercedes Sprinter geal cuideachd an sàs san tubaist, ach cha deach am fireannach a bha ga dhràibheadh a ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte gach taobh iarson naoi uairean de thìde, fhad 's a bha rannsachadh ga dhèanamh.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist, gu h-àraid ma tha dealbhan dashcam aca, bruidhinn riutha air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 1010 bho Dhimàirt an 5mh là den Iuchar 2022.