Triùir marbh an dèidh tubaist air an A9

  • Air fhoillseachadh
Poileas Alba

Tha triùir air bàsachadh ann an tubaist air an A9 faisg air Sloc Muice.

Thachair an tubaist eadar trì carbadan mu 11:40m Dimàirt.

Bha an rathad dùinte gach slighe gu 9:30f 's na seirbheisean èiginneach fhathast aig an làraich.

Chuireadh heileacoptair eiridinn chun na làraich, agus thugadh ceathrar dhan ospadal, ach chaochail triùir aca.

Chuireadh cuideachd trì charbadan-smàlaidh chun na làraich.

Tha rannsachadh nam Poileas a' leantainn feuch dè dìreach a thachair.