Dreach-aonta dha ospadal ùr Loch Abair
- Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air dreach-aonta a thoirt seachad 'son ospadal ùr a thogail anns a' Ghearasdan.
Fon aonta, cha bhiodh obair-togail a' tòiseachadh ron Ghiblean 2026 aig a' char as tràithe.
Thòisich iomairt bho chionn iomadh bliadhna airson ospadal ùr a thogail ann an Loch Abar a rachadh an àite Ospadal a' Bhelford.
A rèir luchd-iomairt, bha còmhraidhean air tòiseachadh cho fada air ais ri 1990.
Chaidh fearann a cheannach airson an leasachaidh ann an 2015.
Tha mì-thoileachas air a bhith ann mun dàil a chaidh air a' phròiseict bhon uairsin is luchd-iomairt fiù 's a' togail dragh nach rachadh am pròiseact air adhart idir.
"Clach-mhìle"
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e ceum mòr air adhart a tha seo a-nise is Buidheann Calpa an Riaghaltais Albannaich air dreach-aonta a thoirt seachad.
"'S e clach-mhìle a tha seo", thuirt cathraiche a' bhùird, an t-Oll. Boyd Robasdan.
"'S urrainn dhuinn a-nise gluasad chun na h-ath-ìre le planaichean nas mionadaiche 'son an ospadail ùir, plana a thaobh luchd-obrach, is plana 'son dreach ùr a thoirt air seirbheisean slàinte coimhearsnachd air feadh Loch Abair.
"Bidh e comasach dhuinn a-nise sgiobaidhean dealbhachaidh a thoirt a-steach 'son planaichean a leasachadh agus a thoirt air adhart gu ìre dhealbhachaidh", thuirt e.
Thuirt Àrd-oifigear nan Seirbheisean Coimhearsnachd aig NHS na Gàidhealtachd, Louise Bussell, gur e ceum cudromach a tha seo a thaobh ùrachadh a thoirt air slàinte is cùram sòisealta ann an Loch Abar.
Gheall i gun obraich am bòrd leis a' choimhearsnachd gus na planaichean a thoirt gu buil.
Thuirt Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, gu bheil an dreach aonta a' ciallachadh gun urrainn dha NHS na Gàidhealtachd gluasad air adhart le planaichean 'son cùraim slàinte a bheir prìomhachas gu feumalachdan an t-sluaigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 31 Am Màrt 2021
- 1 An Dàmhair 2020