Taic ga sireadh gus fear a bhàsaich ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Lochan na Craoibhe agus stòras-uisge a' Bhlackwater air a chùlaibhTùs an deilbh, Richard Webb/Geograph

Tha na Poilis ag iarraidh taic ann a bhith ag ainmeachadh fear a fhuaireas marbh ann an Lochan beag an ear air Ceann Loch Lìobhainn.

Tha dùil gun robh an duine aois eadar 40 agus 60 bliadhna.

Chaidh a lorg ann an Lochan na Craoibhe, eadar Taigh an Rìgh ann an Gleann Comhann agus stèisean Rainnich, mu 6:30f Diciadain.

Thuirt oifigearan gun robh an duine geal, le falt dorcha.

"A dh'aindeoin an rannsachaidh cha deach againn thuige seo air fios fhaighinn cò a th' ann, agus dh'iarramaid taic bhon phoball gus an cuir sinn fios air a theaghlach," thuirt an Det Sgt Louise Thewlis bho Oifis nam Poileas san Aghaidh Mhòir.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a bha san sgìre sin air an t-seachdain mu dheireadh fios a chur air oifigearan ma tha fiosrachadh aca a dh'fhaodadh an cuideachadh.

Nuair a chaidh a lorg bha seacaid dhìonach ghorm XL uime, lèine-t purpaidh Pep&Co XXL le dealbh de chraobhan pailm oirre, agus brògan coiseachd dubha Gelert, meud 10.

Thèid rannsachadh post-mortem a dhèanamh feuch dè dìreach a thug bàs dha, agus thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.