Chan fhaighear guga am-bliadhna

  • Air fhoillseachadh
Gugaichean agus sùlairean ann an Sùlaisgeir

Cha bhi muinntir Nis ann an Leòdhas ri sealg a' ghuga am-bliadhna.

'S àbhaist do sgioba bhon sgìre a bhith a' dol a Shùlaisgeir, eilean beag grunn mhìltean tuath air Leòdhas, gach bliadhna airson na sùlairean òga a mharbhadh, mar a rinneadh fad ghinealaichean.

Ri linn dragh mu bhuaidh flù nan eun air an h-eòin ge-tà, chaidh roghnachadh gun an t-sealg a dhèanamh am-bliadhna.

Cho-dhùin a' bhuidheann nach cuireadh iad tagradh a-steach gu NàdarAlba airson cead fhaighinn a dhol dhan eilean.

'S àbhaist gum bi 2,000 guga ri fhaighinn san Lùnastal gach bliadhna, an dèidh don bhuidhinn cola-deug a chur seachad ann an Sùlaisgeir.

'S e seo an dàrna turas bho dheireadh an Dàrna Cogaidh nach bi sgioba a' dol ann.

B' ann an 2020 a bha an uair eile, air sgàth Chovid-19.

Thuirt Tam Moireach, a tha os cionn na sgioba, nach e co-dhùnadh furasta a bh' ann, agus gum bi iad an dòchas tòiseachadh a-rithist an ath-bhliadhna.