MG ALBA: "Cruaidh-fheum a-nis air maoineachadh ceart"
- Air fhoillseachadh

Tha cruaidh-fheum air barrachd maoineachaidh ma tha na meadhanan Gàidhlig gu bhith maireann.
Sin a rèir MG ALBA, a tha a' ruith na seanail Gàidhlig BBC ALBA, san aithisg bhliadhnail aca.
Le cùisean mar a tha iad, tha iad ag ràdh, cha tèid aig BBC ALBA air seirbheis cheart a thoirt seachad don luchd-amhairc.
Chan eil dol aca an-dràsta air luchd-amhairc òg a thàladh mar a dh'fheumas iad, thuirt iad, leis nach eil gu leòr de leithid dràma agus comadaidh ga cheadachadh leis a' mhaoineachadh a th' ann.
An Atmhorachd
Thuirt cathraiche na buidhne, Ailean Dòmhnallach, nan robh maoineachadh BhBC ALBA air cumail suas ris an atmhorachd bho 2008, gun robh £20m aca ri chosg am-bliadhna, an àite £12.8m.
"Chan eil BBC ALBA an-dràsta uidheamaichte gus na tha an luchd-amhairc airidh air a lìbhrigeadh dhaibh," thuirt e.
"Feumaidh rèiteachadh ùr a bhith ann airson nam meadhanan Gàidhlig a tha a' sealltainn an t-suidheachaidh a th' againn an-dràsta, agus tha MG ALBA ag obair gu dlùth le Riaghaltasan na h-Alba agus na RA gus seo a lìbhrigeadh.
"Tha e deatamach gun tèid meadhanan Gàidhlig a dhèanamh tèarainte san raon dhidseatach mar phrìomh phàirt airson àm ri teachd na Gàidhlig taobh a-staigh ar coimhearsnachdan."
Tha cruaidh-fheum air barrachd maoineachaidh, tha iad ag ràdh, ma tha BBC ALBA a' dol a chumail farpais ri càch ann an saoghal far am faod daoine meadhanan a shruthadh air feadh an t-saoghail.
An-dràsta, tha gainnead phrògraman ùra a' fàgail nach eil an àireamh de sheallaidhean air an iPlayer air fàs mar a dh'iarradh iad.
Buaidh Mhòr
A' cur ris an argamaid aca, tha measadh buaidh eaconamach bhon bhuidhinn Ekos, a tha a' sealltainn gu bheil buannachd £1.34 ann airson gach £1 a chosgar air craoladh Gàidhlig.
A' bruidhinn aig àm foillseachaidh na h-Aithisg Bliadhnail, thug an t-Àrd-Oifigear Dòmhnall Caimbeul sùil chun an ama ri teachd, ach dh'aidich e gu bheil feum air seilbheachd gus MG ALBA a lìbhrigeadh.
''Tha MG ALBA moiteil ar lèirsinn mu na meadhanan Gàidhlig a thaisbeanadh, a' mìneachadh dè ghabhas coileanadh leis a' mhaoineachadh cheart," thuirt e.
"Tha an dìth mhaoineachaidh seo a-nis a' toirt buaidh mhòir air ar comas seirbheis a thoirt do luchd-amhairc leis an raon fharsaing agus eadar-mheasgte de shusbaint a tha iad airidh air, gu sònraichte ann an àm sruthadairean cruinneil far a bheil farpais làidir ann airson luchd-amhairc.
"Feumar aghaidh a chur air seo ma tha sinn gu bhith misneachail mu sheirbheis mheadhanan Gàidhlig san àm ri teachd a bhios iomchaidh san àm dhidseatach ùr don luchd-amhairc againn air fad."