Cùram a' Bhugha Mhòir ga chàineadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh an ìre de chùram ann an dachaigh a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh a chàineadh le Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim.
Mheas iad gu bheil diofar laigsean co-cheangailte ris an dachaigh.
Chaidh an sgrùdadh a dhèanamh thairis air ceithir làithean anns a' Chèitean agus chaidh a mheas gun robh an dachaigh salach agus mì-sgiobalta.
Am measg nan laigsean eile air an do thog Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim bha an ceannardas, far a bheil an togalach suidhichte agus mar a tha sunnd dhaoine air a làimhseachadh.
A rèir na h-aithisg lorg iad duslach, cuileagan agus damhain-allaidh marbh agus lìn dhamhain-allaidh anns na seòmraichean.
A dh'aoindeoin sin, chaidh an luchd-obrach a mholadh airson an cuid coibhneis agus airson a' chùraim a tha iad a' toirt don luchd-còmhnaidh.
Thuirt CrossReach, a tha a' ruith na dachaigh, gun d' fhuair iad briseadh dùil a' leughadh na bh' anns an aithisg agus gu bheil iad ag obrachadh gu cruaidh gus na laigsean a lùghdachadh mus dùin iad an dachaigh aig deireadh an Iuchair.
Ach tha teaghlaichean luchd-còmhnaidh na dachaigh mì-thoilichte le torraidhean na h-aithisg.
Thuirt iad nach fhaca iadsan an dachaigh riamh mì-sgiobalta agus salach agus gu bheil iad an dùil fianais a thogail gus an taic a shealltainn do luchd-obrach na dachaigh anns na làithean a tha ri thighinn.