Sgìre smachdachaidh ga h-aontachadh am Bàideanach
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich comhairlichean na Gaidhealtachd sgìre smachdachaidh mhàil ghoirid a stèidheachadh ann am Bàideanach agus Srath Spè.
Fon seama feumaidh daoine aig a bheil taighean air màl 'son ùine ghoirid cead-dealbhachaidh iarraidh.
Tha cion thaighean san sgìre na dhuilgheadas do dhaoine a tha ri gnìomhachas agus a tha airson fuireach san àite.
Feumaidh Righaltas na h-Alba taic a chur ris na planaichean mus tèid an cur an gnìomh nas fhaide den bhliadhna.
Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre agus Fear-Gairm na Comhairle, an Comh. Uilleam Lobban, gu bheil suidheachadh an taigheadais "ann am meltdown".
Bhòt 43 buill airson sgìre smachdachaidh a stèidheachadh, le 20 a' cur na aghaidh.
Cha deach gabhail ri atharrachadh a chuir an Comh. Anndra Jarvie air adhart airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air an sgeama an ceann bliadhna.