Suas ri 56% de dh'uisgeachan na h-Alba "gu bhith dùinte"

  • Air fhoillseachadh
Iasgach

Tha iasgairean ag ràdh gum faodadh gun tèid an casg bho chòrr air leth de dh'uisgeachan na h-Alba air sgàth phlanaichean 'son dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba gum biodh 56% den mhuir dùinte dhaibh air a' char as miosa.

Tha barrachd cuideim a' tighinn air comasan diofar ghnìomhachasan obair a dhèanamh aig muir.

Tha leithid raointean ola 's gas, tuathan gaoithe agus sgìrean gus stocan a dhion, a' fàgail gu bheil mòran àiteachan aig muir a-nis dùinte do dh'iasgairean.

Ro 2050 tha aithisg a' Chaidreachais ag ràdh, dh'fhaodadh uimhir ri 260,000 cilemeatar ceàrnagach de dh'uisgeachan na h-Alba a bhith dùinte do dh'iasgach.

Air a' char as fheàrr, tha iad ag ràdh, cha bhi e ceadaichte dhaibh iasgach ann an 54% den mhuir.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil plana adhartach aca airson na cuideaman eadar-dhealaichte air àrainneachd na mara a chothromachadh, agus chuir iad fàilte air an aithisg.