Dùil ri co-dhùnadh mu sgìre smachdachaidh mhàil ghoirid

  • Air fhoillseachadh
Àite-fuirich turasachdTùs an deilbh, Getty Images

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin taic a chur ri moladh a chumas smachd air an àireamh àiteachan fuirich a tha gan cur a-mach air màl airson ùine ghoirid ann an sgìre Bhàideanach agus Srath Spè.

Thèid coinneamh den Làn-Chomhairle a chumail gus coimhead air a' chùis.

'S iad na comhairlichean às an sgìre a dh'iarr gun deadh co-chomhairle a dhèanamh mu bhith a' stèidheachadh sgìre smachdachaidh.

Fhreagair 322 duine an ceisteachan.

Bha 45% air gach taobh den deasbad 's an còrr ag ràdh nach robh iad cinnteach mu dheidhinn.

Bha gu leòr a' ceasnachadh carson nach deach measadh eaconomach a dhèanamh mun bhuaidh a bheireadh sgìre smachdachaidh air an àite.

Ma bheir comhairlichean taic do na planaichean, dh'fheumadh an Riaghaltas a dhol air an cùlaibh cuideachd.

Dh'fhaodadh an uairsin gun tèid an cur an gnìomh nas fhaide den bhliadhna.