BNAG ag iarraidh sgoil Ghàidhlig eile an Glaschu

  • Air fhoillseachadh
Teagasg

Feumaidh Comhairle Baile Ghlaschu putadh orra gus an còigeamh bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh sa bhaile, gun an ceathramh tè deiseil fhathast, ma thathas a' dol a chumail suas ri iarrtas.

Sin beachd Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig, Jim Whannel.

Bha e a' toirt fianais do Chomataidh Foghlaim Holyrood madainn Diciadain mu phlana Gàidhlig na h-Alba airson an ath chòig bliadhna

Bu chòir dhan cheathramh sgoil, air an làraich aig seann Bhun-sgoil Naoimh Sheumais air an Taobh Sear, fosgladh ann an 2024.

Nì sin feum a thaobh iarrtais is e air faileachadh air cuid de phàrantan àitichean fhaighinn dhan cuid chloinne is fèill cho mòr air foghlam Gàidhlig, ach tha Mgr Whannel ag ràdh gum feum an t-ùghdarras ionadail barrachd a dhèanamh:

"Feumaidh comhairlean a tha soirbheachail le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig leantainn orra - feumar an còigeamh sgoil a phlanadh."