Tuath-gaoithe ga dhiùltadh

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe

Dhiùlt comhairlichean Gàidhealach cead feasgar Diciadain airson tuath-gaoithe le ochd crainn air Oighreachd na Cròice faisg air Àird Gaoith ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd.

Mhol oifigearan a cheadachadh, ach cho-dhùin buill de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath gun a leigeil air adhart.

Chuir an Comh. Ùisdean Moireasdan atharrachadh mun coinneamh ag ràdh gu milleadh na crainn coltas an àite.

Bha iad gu bhith faisg air 150 meatair a dh'àirde.