Airgead-dìolaidh ga iarraidh airson obair Ùige

  • Air fhoillseachadh
Cidhe ÙigeTùs an deilbh, Getty Images

Thuirt Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar gum bu chòir cothrom a bhith aig gnothachasan a dh'fhuilingeas air sgàth obair air cidheachan cur a-steach airson airgid-dhìolaidh.

Dh'iarradh Aonghas Brianan MacNèill air Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt do luchd-gnothaich a chailleas a-mach nuair a dhùineas cidhe Ùige airson sia mìosan - rud a bheir buaidh air Uibhist a Tuath agus na Hearadh a thuilleadh a' phort Sgitheanach.

Fhuair gnothachasan beaga ann an Dùn Èideann airgead air sgàth obair nan tramaichean agus tha Mgr MacNèill den bheachd gum bu chòir dhan aon rud tachairt le aiseagan.

Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba gu bheil iad mothachail mu dhraghan co-cheangailte ri obair Ùige agus gum biodh Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, glè dheònach coinneachadh ri Aonghas Brianan MacNèill.

Thuirt iad cuideachd gur e Comhairle na Gàidhealtachd a tha a' stiùireadh na h-obrach.

Bu chòir dhan leasachadh aig cidhe Ùige tòiseachadh anns an Dàmhair.