NHS na Gàidhealtachd a' pàigheadh £2.8m an airgead-dìolaidh

  • Air fhoillseachadh
Dotair

Phàigh NHS na Gàidhealtachd £2.8m uile gu lèir do luchd-obrach a dh'fhulaing burraidheachd na'n obair.

Chaidh "cultar de bhurraidheachd" aig a' bhòrd shlàinte a thoirt dhan fhollais bho chionn ceithir bliadhna.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba gun deadh sgrùdadh a dhèanamh agus rinn an aithisg a thàinig às a sin - Aithisg Sturrock - a-mach gur dòcha gun robh na ceudan de luchd-obrach slàinte air dol a-mach mì-iomchaidh fhulang.

Chuala am bòrd slàinte Dimàirt gu bheil am "pròiseas slànachaidh" de dhà bhliadhna air a thighinn gu ceann a-nis le 233 duine a bha ag obair no a tha fhathast ag obair dhan bhòrd-shlàinte a' faighinn airgid-dhìolaidh.

Chaidh £2,825,000 a' phàigheadh, le daoine a' faighinn £10,386 sa chumantas.

Fhuair dithis eadar £60,000 agus £95,000.

Chaidh na cùisean mu choinneimh panail neo-eisimeilich.

Molaidhean

Rinnear 340 tagradh chun a' phanail, ach an dèidh do chuid tarraing a-mach às se 272 cùis a chaidh gu èisteachd.

Cha d' fhuair a h-uile duine airgead-dìolaidh. Bha cuid ann nach do dh'iarr e agus chaidh tagradh 25 duine a dhiultadh.

An-uiridh rinn NHS na Gàidhealtachd tuaimse gum biodh aca ri £3.4m a phàigheadh ann an airgead-dìolaidh.

Ann an aithisg a chaidh mu choinneimh a' bhùird Dimàirt, chaidh a ràdh nach robh fios le cinnt fhathast dè an t-suim a dheadh a chosg uile gu lèir leis gun robh aca fhathast ri nithean leithid theiripidhean saidhg-eòlach a phàigheadh. Thig na cunntasan airson sin sna mìosan ri teachd.

Thuirt Stiùiriche Daoine agus Cultar NHS na Gàidhealtachd, Fiona Hogg, aig a' choinneimh feasgar gun robhar a' cur mholaidhean an sgrùdaidh neo-eisimeilich an sàs mar thà.

Thuirt i gun robh ceannas a' bhùird ag amas air a bhith nas fhosgailte nuair a thig e gu càineadh.

Tha am bòrd slàinte ag ràdh gu bheil tuilleadh obrach ri dhèanamh leis gun do dh'adhbhraich am pandemic beagan dàil sa phròiseas.