Ùisdean Robasdan cathraiche ùr HITRANS

  • Air fhoillseachadh
Ranald Robasdan, Amber Dunbar & Ùisdean Robasdan
Fo-thiotal an deilbh,
Cathraiche ùr HITRANS, an Comh. Ùisdean Robasdan (air an làimh dheis). Cuide ris tha iar-chathraiche na buidhne, an Comh. Amber Dunbar agus Stiùiriche HITRANS, Ranald Robasdan.

Chaidh an comhairliche eileanach, Ùisdean Robasdan, a thaghadh mar chathraiche ùr Compàirteachas Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean, HITRANS.

Tha Mgr Robasdan na chathraiche air Comataidh Còmhdhail agus Bun-structar Comhairle nan Eilean Siar.

Tha e a' gabhail àite a' chomhairliche Ghàidhealaich, Ailean MacEanraig, nach do sheas sna taghaidhean ionadail bho chionn ghoirid.

Seo an ceathramh teirm aig Mgr Robasdan na chomhairliche agus tha e air a bhith na bhall de bhòrd HITRANS airson na còig bliadhna mu dheireadh.

Tha e na bhall neo-eisimeileach de uard Uibhist a Tuath.

'S i Iar-chathraiche Comataidh Leasachadh Eaconamach agus Seirbheisean Bun-structar Comhairle Mhoireibh, an comhairliche Amber Dunbar, iar-chathraiche na buidhne.

Tha Ms Dunbar na ball dhen Phàrtaidh Thòraidheach agus a' riochdachadh uard Cheann a Tuath Eilginn.

Seo a' chiad uair aice na comhairliche.

Urram

Thuirt Mgr Robasdan gur e urram a bh' ann dha a bhith na chathraiche air a' bhuidhinn.

"S e compàirteachas gu math èifeachdach a tha ann an HITRANS, a tha a' cumail taic ri fàs eaconamach thar na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Tha bòrd dealasach againn a tha a' faighinn taic bho oifigearan gu math èifeachdach aig a bheil miann taic a chumail ri coimhearsnachdan agus a tha airson seirbheisean agus lionraidhean còmhdhail a chumail aig ìre agus a leasachadh - nam measg seirbheisean aiseig, rud a tha gu math dlùth ri mo chridhe," thuirt e.

Cuide riutha air bòrd HITRANS tha Cathraiche Comataidh Eaconamaidh agus Bun-structar Comhairle na Gàidhealtachd, an comhairliche Ken Gowans; Cathraiche Comataidh Leasachadh agus Bun-structar Comhairle Arcaibh, an comhairliche Daibhidh Dawson agus Ceannard Poileasaidh Rathaidean Comhairle Earra Ghaidheal is Bhòid, an comhairliche Anndra Kain.

Cuideachd air a' bhòrd tha Raibeart Andrew, an t-Ollamh Daibhidh Gray agus Naomi Bremner.