Rabhadh mun chunnart bho odharan mòr

  • Air fhoillseachadh
Odharan mòrTùs an deilbh, NàdarAlba

Tha rabhadh ga thoirt mu cho cunnartach 's a tha lus a tha gu math cumanta air feadh na h-Alba.

Ma thèid beantainn ri odharan mòr dh'fhaodadh daoine builgeanan fhaighinn air an craiceann no dh'fhaodadh gun tèid an losgadh.

Dh'fhaodadh e fiù 's cuid de dhaoine fhàgail dall.

Tha na buidhnean NàdarAlba agus Care of Burns in Scotland Managed Clinical Network (COBIS) air an rabhadh fhoillseachadh air thoiseach air saor-làithean nan sgoiltean agus dùil gum bi tòrr a bharrachd dhaoine air a' bhlàr a-muigh.

Tha stuth puinnseanta ann an odharan mòr agus ma thèid e air craiceann dhaoine, bidh iad nas buailtich losgadh sa ghrèin.

Tùs an deilbh, Tom Richards/Bunait Wye agus Usk

Tha sin a' fàgail cuid le builgeanan mòra orra.

A h-uile bliadhna tha e a' toirt buaidh air gàirnealairean, luchd-coiseachd, clann agus beathaichean.

Chan eil an lus dùthchasach do dh'Alba ach tha e a-nis gu math cumanta ann am meadhan agus air taobh sear na dùthcha.

Chìthear e gu math tric air bruaichean aibhnichean, air talamh nach eilear a' cleachdadh, ri oir an rathaid agus ri taobh loidhnichean rèile.

Thuirt Stan Whitaker bho NàdarAlba: "Tha e garbh fhèin cudromach do dhaoine gun aithnich iad dè a tha ann an odharan mòr gus nach tèid an goirteachadh.

"Gu fortanach tha e furasta an lus aithneachadh nuair a tha e air fàs leis cho mòr 's a tha e - eadar dhà agus ceithir meatair de dh'àirde le dìtheanan geala."

Tùs an deilbh, Tom Richards/Bunait Wye agus Usk

Bidh na duilleagan a' fàs mòr cuideachd - cho mòr ri meatair aig amannan.

Thathas ag iarraidh air daoine a chì an lus fios a chur gu an ùghdarras ionadail.

Ma thèid beantainn ris an lùs thathas a' comhairleachadh do dhaoine an craiceann a nighe agus fhalach fo aodach airson co-dhiù 48 uairean de thìde.

Bu chòir taic mheadaigeach iarraidh ma thig builgeanan air a' chraiceann no ma dh'fhàsas e dearg, no ma dh'fhàsas daoine tinn.

A thuilleadh air a bhith a' dèanamh cron air daoine agus beathaichean tha odharan mòr cuideachd a' mùchadh lusan eile a tha dùthchasach.

Thuirt Mgr Whitaker: "Tha e garbh duilich faighinn cuidhteas e leis gu bheil 20,000 sìol anns gach lus a mhaireas san ùir airson suas ri còig bliadhna, 's le sin feumaidh uachdarain cur às dheth a h-uile bliadhna mus tig na dìtheanan."

Thathas cuideachd ag iarraidh air daoine le coin na peataichean aca a chumail air falbh bhon lus.

Tùs an deilbh, Lorne Gill/NàdarAlba