Drochaidean ùra an Gleann Breatail

  • Air fhoillseachadh
Tè de na drochaidean ùraTùs an deilbh, OATS

Chaidh drochaidean a thogail ann an Gleann Breatail san Eilean Sgitheanach ach an tèid aig daoine a tha a' tadhal air Glumagan nan Sìthichean air coiseachd nas sàbhailte.

'S iad drochaidean stàilinn, air an còmhdachadh le fiodha, a chaidh a thogail air a' cheum bhon raon-pharcaidh suas gu far am faighear sealladh air na glumagan.

Tha cuideachd an ceum fhèin ga leasachadh, agus dùil gum bi sin deiseil sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

'S iad Urras Cothruim a' Bhlàir a-Muigh a tha a' dèanamh na h-obrach, tro Phròiseact nan Làraichean Suaicheanta Sgitheanach.

Fon phròiseact seo thathas cuideachd a' dèanamh obair aig an Stòrr, agus aig a' Chuithraing.

"Mus deach na drochaidean fiodha a chur an sàs, bha e doirbh do dhaoine a dhol tarsainn air na h-uillt nam biodh an aimsir fliuch 's mòran uisge a' sruthadh," thuirt Àrd-Stiùiriche an Urrais, Dougie Baird.

"Bha seo a' milleadh bhruaichean nan allt 's daoine a' feuchainn ri àite a lorg far am faigheadh iad a-null.

"Faodaidh luchd-tadhail a-niste a dhol thar nan allt gu sàbhailte, 's faodaidh àrainneachd nam bruaichean cothrom slànachaidh fhaighinn."