Hydro Ness na eisimpleir
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh Comhairle na Gàidhealtachd tuilleadh sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail a thogail airson cuideachadh le àitichean a tha trom air dealan, mar amaran-snàimh, a ruith.
'S e sgeama Hydro Ness air Abhainn Nis a tha gam brosnachadh coimhead ris an leithid.
Tha dealan ga dhèanamh le scriubha Archimedes aig Hydro Ness agus tha cumhachd a' dol gu Inverness Leisure a tha faisg air.
Tha dà amar-snàimh a tha cosgail a ruith aig an ionad-spòrs agus an dàrna leth dhen dealan a tha Inverness Leisure a' cleachdadh a' tighinn bho Hydro Ness.
Le cosgaisean cho àrd an-diugh, tha caomhnadh mar seo uabhasach feumail, a thuilleadh air a bhith math dhan àrainneachd.
Tha Comhairle Obar Dheathain air amar-snàimh a dhùnadh mu thràth air sgàth airgid.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 24 An t-Ògmhios