Poileasaidh fearainn nas dàna ga iarraidh

  • Air fhoillseachadh
Fearann

Bu chòir do chomhairlean ann an Alba a bhith mòran nas dàna a thaobh a bhith a' cur feum air na cumhachdan a th' aca gus fearann prìobhaideach a cheannach airson taigheadais dhùthchail.

Tha sin a rèir neach-iomairt an fhearainn, Andy Wightman, a tha ag ràdh nach eil comhairlean a' cleachdadh òrdughan ceannaich èigneachail chun na h-ìre a bu chòir dhaibh gus fearann a ghlèidheadh.

'S iad òrdughan ceannaich èigneachail cumhachdan a th' aig ùghdarrasan ionadail is buidhnean poblach eile an Alba fearann a cheannach an aghaidh toil an neach/companaidh aig a bheil e, ma tha sin air a mheas gu maith a' phobaill.

Cumhachdan

Tha Andy Wightman ag ràdh gum bu chòir do chomhairlean a bhith mòran nas dàna ann am mar a tha iad a' cleachdadh nan cumhachdan seo, gus fearann a ghlèidheadh airson leasachaidhean taigheadais ann an sgìrean dùthchail.

Tha e ag ràdh gum biodh seo a' toirt cothrom dhaibh bancaichean fearainn a chruthachadh, a dh'fhaodadh iad an dara cuid a chleachdadh iad fhèin no a thoirt do choimhearsnachdan.

Margaid

Tha Mgr Wightman cuideachd ag iarraidh ath-leasachaidh air margaid an fhearainn ann an Alba, gus am bi aig uachdarain ri cuibhreann de dh'fhearann sam bith a tha iad a' reic ann an sgìrean far a bheil taigheadas gann, a reic ri comhairlean.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air a chur romhpa siostam nan òrdughan ceannaich a dhèanamh nas èifeachdaiche, is gum bi ceumanan san ath Bhile Ath-leasachaidh an Fhearainn gus maith a' phobaill a sgrùdadh nuair a thèid fearann a reic.