80 uair de dh'obair shaor-thoileach 'son dithis a rinn sgrios aig Dùn Ada

  • Air fhoillseachadh
Dùn AdaTùs an deilbh, Crown Copyright: HES
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Dùn Ada am measg làraichean eachdraidheil cho cudromach 's tha air a' Ghàidhealtachd

Chaidh òrdugh a chur air dithis a rinn milleadh is mèirle aig làrach eachdraidheil Dhùn Ada gun dèan iad 80 uair de thìde de dh'obair shaor-thoileach.

Chunnacas Andrejs Grisulis, 35, à Ceann Loch Lìobhann, is Mata Madden, 55, às a' Ghearasdan, is iad a' cladhach is a' cleachdadh inneal sgrùdaidh meatailt aig Dùn Ada san Ògmhios 2020.

Rinn Àrainneachd Eachdraidheil Alba rannsachadh is fhuair iad 28 tuill, is gun deach pìos de dh'òrd a thoirt bhon làraich.

Thuirt iad gun deach sgrios a dhèanamh nach gabh càradh.

Tùs an deilbh, Oifis a' Chrùin
Fo-thiotal an deilbh,
Fhuair Poileas Alba pìos de dh'òrd a chaidh a ghoid bhon làraich

Bha an dithis air aideachadh gun robh iad ciontach de dh'eucoirean dualchais.

Feumaidh iad 80 uair a thìde de dh'obair shaor-thoileach a dhèanamh, is thèid sùil a chumail orra fad sia mìosan.

Chaidh innse dhaibh an inneal sgrùdaidh a thoirt seachad, is chaidh an casg cuideachd bho làraichean Àrainneachd Eachdraidheil Alba fad dà bhliadhna.

Chuir a' bhuidheann fàilte air co-dhùnadh na cùirteach.