Covid ann an Alba: Aon anns gach 20 leis am bhìoras an t-seachdain a chaidh

  • Air fhoillseachadh
Covid ann an AlbaTùs an deilbh, Getty Images

Chunnaic Alba an t-àrdachadh as motha de chùisean Chovid san Rìoghachd Aonaichte an t-seachdain seo chaidh, a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta (ONS).

Tha iad den bheachd gun robh an galar air 250,700 neach - aon anns gach 20 - san t-seachdain a chrìochnaich air an 17mh den Ògmhios.

'S e àrdachadh a tha seo air na h-àireamhan bhon t-seachdain roimhe, nuair a bha Covid air mu 176,900 neach, neo aon anns gach 30.

Thuirt an ONS gu bheil e a' coimhead coltach gur iad srèanaichean BA.4 agus BA.5 de dh'Omicron a tha air cùl nan cùisean ùra.

Tùs an deilbh, Getty Images

Chan eilear den bheachd gu bheil iad nas mairbhtiche na srèanaichean eile de Chovid, ach tha coltas ann gu bheil iad a' sgapadh nas luaithe.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum biodh e ciallach còmhdaichean-aodainn a chleachdadh a-staigh agus cùisean ag èirigh.

Tha ospadalan cuideachd ag ràdh gu bheil iad a' faicinn barrachd dhaoine a' tighinn a-steach le Covid, le 931 neach air an clàradh Diluain - sin suas bho nas lugha na 600 aig deireadh a' Chèitein.

Ach tha cùisean fhathast fada nas ìsle na bha iad as t-Earrach, nuair a bha còrr air 2,000 euslainteach le Covid ann an ospadalan na h-Alba.