Dàil air co-dhùnadh an Ironworks

  • Air fhoillseachadh
An Ironworks

Cho-dhuin comhairlichean na Gàidhealtachd dàil a chur air a' cho-dhùnadh co-dhiù bu chòir taigh-òsta mòr a thogail ann am meadhan baile Inbhir Nis.

Rachadh talla an Ironworks air Sràid na h-Acadamaidh a leagail agus rachadh taigh-òsta, anns am biodh còrr 's 150 seòmar, a thogail.

An dèidh deasbaid a mhair còrr 's uair de thìde gu leth, cho-dhùin Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas gum feumar beachd a ghabhail air fiosrachadh ùr a thàinig am bàrr.

Tha dùil gun tèid a' chùis a dheasbad a-rithist san Lùnastal.

Thuirt stiùiriche an Ironworks, Caroline Chaimbeul:

"Tha sinn fhathast fosgailte mar as àbhaist, agus bidh gus an cluinn sinn an caochladh, 's tha aoighean sònraichte gu bhith againn sna mìosan a tha romhainn.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' faicinn slòigh a' tighinn a dh'fhaicinn chòmhlan agus eile air Sràid na h-Acadamaidh.

"Cumaidh sinn oirnn a' sanasachd agus a' toirt seachad nan tachartasan a tha air fàire, le ticeadan a th' aig daoine air an dìon", thuirt i.