Sgitheanaich air banais a shàbhaladh

  • Air fhoillseachadh
Paul is AmandaTùs an deilbh, www.loveskyephotography.co.uk
Fo-thiotal an deilbh,
Cha mhòr nach robh Paul is Amanda Riesel deiseil an gnothach a leigeil seachad mun àm a ràinig iad an t-Eilean Sgitheanach.

Rinn muinntir an Eilein Sgitheanaich cobhair air cupal Aimeireaganach a bh' air tighinn dhan eilean airson pòsadh, an dèidh dha na bagannan aca a bhith air an call air an t-slighe.

Am measg na bha sna bagannan bha dreasa bean na bainnse.

Ràinig Amanda agus Paul Riesel an oidhche ron bhanais aca gun ach na fàintean 's na flùraichean aca, an dèidh mar a chaidh am plèana aca a chur fo mhaill 's a stiùireadh rathad eile.

Tùs an deilbh, www.loveskyephotography.co.uk
Fo-thiotal an deilbh,
Thug eileanaich fèileadh agus dreasa bainnse seachad dhan chupal

Chaidh Rosie Woodhouse, a tha ri togail dhealbhan san eilean, air na meadhanan sòisealta a dh'iarraidh taic.

Ro mhadainn, bha dreasa agus fèileadh air nochdadh dhan dithis.

Thuirt Amanda, a bha deiseil an gnothach a leigeil seachad 's falbh dhachaigh, gun do shàbhail Rosie agus muinntir an eilein an là dhaibh.

"Cha robh a' bhanais fhoirfe neo-fhoirfe againn air a bhith ann mura b' e Rosie agus muinntir mìorbhaileach an Eilein Sgitheanaich," thuirt i.

"Bha gnothach aig freastal ris an là sona againn, oir b' e bean-dinneir Bun-sgoil an Àth Leathainn, Theresa, a thug dhomh cothrom air an dreasa - agus tha mise nam bhean-dinneir aig an taigh.

"Bha e a' ciallachadh barrachd dhomh a bhith ga cur umam 's fios agam gur ann le tè a ghràdhaicheas 's a bheathaicheas a cuid sgoilearan mar a nì mise a bha i."

Tùs an deilbh, www.loveskyephotography.co.uk

B' ann goirid mus do dh'fhalbh an cupal an dachaigh ann an Orlando, Florida, a thòisich gnothaichean a' dol ceàrr dhaibh.

Chaidh am plèana aca gu ruige Bhreatainn a chur rathad eile - gu Philadelphia.

Thug sin an uair sin buaidh an dèidh buaidhe air na h-ath-earrainnean den turas 4,000 mìle aca, a' thug a-steach Port-adhair Heathrow agus Inbhir Nis.

Thug an cupal trì làithean stucte ann am puirt-adhair - agus dh'fhalbh na bagannan aca à fianais cuideachd.

"Bha briseadh-dòchais againn ule air an t-slighe. Cha robh ann ach maill an dèidh maille an dèidh maille," thuirt Paul.

Mu dheireadh thall ràinig iad an t-Eilean Sgitheanach aig 11:00f oidhche Luain - an oidhche mus robh iad an dùil pòsadh.

Thabhainn Rosie oidhirp a dhèanamh gus a' bhanais - a bh' air ullachadh thairis air dà bhliadhna - a shàbhaladh.

"Dh'innis mi dhaibh gun robh mi cinnteach gun deadh agam air seo a thoirt gu buil, agus gur e àite iongantach a bh' anns an eilean," thuirt i.

Tùs an deilbh, www.loveskyephotography.co.uk

Chuir i teachdaireachd air duilleag Sgitheanach air na meadhanan sòisealta, 's mus do dh'èirich a' ghrian Dimàirt na bainnse, bha iomadh duine air taic a thairgsinn.

"Bha làn-èideadh fèilidh againnn do Phaul, agus dreasa àlainn bainnse dha Amanda," thuirt i.

Ged a bha an clàr-ama rudeigin eadar-dhealaichte, chaidh an t-seirbheis daonnachdail aca air adhart gun trioblaid.

"Bidh àite nar cridhe dhan a h-uile duine a chuir Rosie an aithne dhuinn 's a thabhainn taic oirnn," thuirt Amanda.

"Bidh na Sgitheanaich ainmeil ann an Orlando oir innsidh sinn dhan a h-uile duine a dh'èisteas rinn gur iadsan as coireach gun deach an gaol a tha eadarainn a dhaingneachadh air banais a bha gu foirfe neo-fhoirfe."