Luaidh ga dhèanamh air Iain MacCarmaig

  • Air fhoillseachadh
Iain MacCarmaigTùs an deilbh, Willie Urquhart / WHFP

Tha luaidh ga dhèanamh air Iain MacCarmaig a bha iomadh bliadhna na dheasaiche air Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich.

Bha Mgr MacCarmaig anns an obair fad 44 bliadhna.

Chaidh Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich a stèidheachadh ann an 1972 is bha Mgr MacCarmaig na dheasaiche eadar 1976 agus am Faoilleach 2020, nuair a leig e dheth a dhreuchd.

Sgaoil am pàipear naidheachd a' bhàis madainn Diardaoin is iad ag ràdh gur e là duilich dha-rìribh a th' ann

Thuirt iad gun do rinn Mgr MacCarmaig obair nach gabh tomas às leth na coimhearsnachd aige agus às leth obair-naidheachd ann an Alba.

"Bidh sinn ga ionndrainn", thuirt iad.

Fhuair Iain MacCarmaig duais shònraichte aig Duaisean Mheadhanan na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an 2020 às dèidh dha an obair aige fhàgail.

Am measg na rinn luaidh air Mgr MacCarmaig air na meadhanan-sòisealta Diardaoin, bha an t-eòlaiche eachdraidh Seumas Mac an t-Sealgair.

"La duilich dha-rìribh. Duine gasta aig an robh àite cudromach ann am pàipear a chuidich gu mòr le piseach a thoirt air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan", sgrìobh an t-Oll. Mac an t-Sealgair.