Daoine air am brosnachadh bustair fhaighinn
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air feadhainn aig a bheil cothrom air bustair Covid-19 tighinn air adhart ro dheireadh na mìos.
Tha bustair an earraich ri fhaighinn do dhaoine a tha nas sine na 75 is feadhainn nas sine na 12 le siostam ion-dhìon nas laige.
Thòisich clionaigean bustair an earraich sa Mhàrt is tha iad ann gu deireadh an Ògmhios.
Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil Covid-19 fhathast a' cuairteachadh sa choimhearsnachd is gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gum faigh an fheadhainn as motha a th' ann an cunnart banachdach eile.
Dh'èirich cùisean de Chovid ann an Alba còrr is 30% san t-seachdain mu dheireadh.
Faodaidh feadhainn anns na h-Eileanan an Iar aig a bheil cothrom air a' bhanachdaich àite a chur air dòigh le a bhith a' fònadh 0808 196 8383 no an seo.
Tha cuideachd clionaigean fosgailte gu deireadh na mìos mar a leanas:
- Dihaoine 24.06 ann an Ospadal nan Eilean Siar eadar 12.30f is 6f
- Diciadain 29.06 ann an Ospadal nan Eilean Siar eadar 2f is 4f
- Diciadain 29.06 ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh eadar 9m is 4f
- Diardaoin 30.06 ann an Ospadal nan Eilean Siar eadar 2f is 4f
- Diardaoin 30.06 ann an Ospadal Naomh Brianain eadar 11m is 1.30f.