Trèanaichean nan tàmh a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Buill de dh'aonadh an RMTTùs an deilbh, PA Media

Cha bhi trèanaichean idir a' ruith air a' Ghàidhealtachd Diardaoin is an dàrna stailc rèile ann.

Tha luchd-obrach Network Rail air stailc is iad a' gearan mu phàigheadh, dòighean-obrach is call obraichean.

Chaidh còmhraidhean ùra eadar aonadh an RMT agus luchd-fastaidh ma sgaoil gun aonta Diciadain, is an t-aonadh a' fàgail air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun robh iad air na còmhraidhean "a mhilleadh".

Thuirt an Riaghaltas gur e "breug" a bha sin.

Buaidh

Chuir Scotrail 90% de na seirbheisean aca dheth ri linn na stailce.

Chan eil iad a' ruith sheirbhisean Diardaoin ach air còig slìghean ann am meadhan na h-Alba agus sin eadar 07.30m is 6.30f.

Tha iad a' comhairleachadh do dhaoine gun fiù 's na seirbheisean sin a chleachdadh ach ma dh'fheumas iad.

Bidh lìonra na rèile aig tuath na tàmh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil mòran a tha mar as trice a' dol a dh'obair air an trèana air co-dhùnadh obrachadh bhon taigh an t-seachdain seo, is Còmhdhail Alba ag ràdh nach robh na rathaidean mòran nas trainge nan àbhaist Dimàirt nuair a bha a' chiad stailc ann.

Tha dùil ri stailc eile Disathairne, is bidh buaidh nan stailcean a' fàgail nach bi clàr-ama àbhaisteach ann Dihaoine no Didòmhnaich nas motha.