Eagal gun tèid am fàsgadair à bith

  • Air fhoillseachadh
HiortTùs an deilbh, Getty Images

Tha eagal air luchd-glèidhteachais gum faodadh am fàsgadair mòr a dhol à bith buileach ri linn flù nan eun.

Dh'innis maoir-dhùthcha gun d'fhuair iad 120 fàsgadair mòr, no great skua, marbh ann an Hiort am-bliadhna.

Bha seo a thuilleadh air 60 a fhuaireadh marbh an-uiridh.

Thuirt iad gu bheil àireamhan de na h-eòin mar-thà fo chuideam gu h-eadar-nàiseanta, is nam bàsaicheadh an còrr ann an Hiort gum faodadh am fàsgadair mòr a bhith ann an cunnart a dhol à bhith.

Tha mu 16,000 fàsgadair mòr san t-saoghal is mu 56% den fheadhainn tha a' briodadh ann an Alba, a rèir an RSPB.

"Briseadh-cridhe"

Chaidh flù nan eun a dhearbhadh ann an Hiort as t-samhradh an-uiridh.

"'S e briseadh-cridhe a th' ann a bhith a' faicinn seo", thuirt Craig Nisbet, a tha na mhaor-dùthcha aig Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Hiort.

"Ma tha bliadhna no dhà eile againn le flù nan eun a' toirt buaidh air an fhàsgadair mhòr, tha ceist ann am bi iad seasamhach.

"Tha iomagain mhòr ann gum faodadh an t-eun seo a dhol à bith", thuirt e.

Tùs an deilbh, Craig Nisbet/NTS
Fo-thiotal an deilbh,
Fàsgadair a tha a' bàsachadh a lorg Craig Nisbet.

Dh'innis Nàdair Alba gu bheil an crìonadh ann an Hiort a' tachairt ann an àitichean eile ann an Alba cuideachd.

Thuirt iad gun tèid sgrùdadh a dhèanamh ann an Leòdhas an ath-sheachdain feuch deabh nas fheàrr fhaighinn air suidheachadh an fhàsgadair mhòir an sin.

Tha dragh ann cuideachd mun bhuaidh air eòin eile.

Dragh

"Chan eil fios againn mar a bhios seo a' sgapadh is dè na seòrsaichean eun air an toir e buaidh", dh'innis Craig Nisbet.

"Thàinig mi a Hiort 'son clàradh àireamhan nan eun is tha mi moiteil dha-rìribh às an obair sin. Am-bliadhna 's e pàirt mhòr den obair agam eòin mharbha a chlàradh. Tha e draghail dha-rìribh", thuirt e.

Thèid obair a dhèanamh a-nise air a' bhuaidh air na h-eòin air na stacan timcheall air Hiort.