Iomagain mhòr an Tiriodh mu thaighean falamh

  • Air fhoillseachadh
TiriodhTùs an deilbh, Getty Images

'S e dìreach an dàrna leth de thaighean Thiriodh anns a bheil duine a' fuireach làn-ùine, a rèir rannsachaidh ùir.

'S iad a' bhuidheann ionadail Isle Develop a rinn an rannsachadh.

Tha Isle Develop a' ruith isleHoliday.com, iomairt shòisealta a chaidh a chur air dòigh ann an Tiriodh 'son àitichean-fuirich a chur air dòigh do luchd-turais a tha a' tadhal air na h-eileanan, le amas prothaid sam bith a thilleadh do na h-eileanan fhèin.

Fhuair an rannsachadh aca nach eil 46% de thaighean Thiriodh air an cur gu feum làn-ùine. Chan ann le daoine a tha a' fuireach ann an Tiriodh a tha a' mhòr-chuid de na taighean sin.

A thuilleadh air sin, sheall an rannsachadh aig Isle Develop gu bheil 27% de thaighean anns nach eil daoine a' fuireach làn-ùine is nach eil air an cur a-mach air màl.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil 608 taigh ann an Tiriodh uile gu lèir, is mar sin 167 dhiubh a tha falamh ach fad beagan sheachdainnean gach bliadhna.

Dh'innis iad gu bheil 70 taigh san eilean air màl fhada is a' mhòr-chuid le comainn taigheadais.

Gainnead

Thog Isle Develop air buaidh staing an taigheadais le gainnead luchd-obrach airson dachaigh-cùraim an eilein is ann an gnìomhachas na h-aoigheachd, is iad ag ràdh cuideachd gu bheil feadhainn air dreuchdan teagaisg a dhiùltadh leis nach fhaigheadh iad taigh

Tha iad ag ràdh gu bheil e soilleir gur e ceist dhuilich a th' ann, ach gu bheil feum air deasbad.

"'S e cuspair doirbh a th' ann is tha sinn airson is gum bi còmhradh ann mu dheidhinn", thuirt Rhoda Meek, a chuir Isle Develop air bhonn.

"An teaghlach agam fhèin, bha taigh againn a bha falamh an seo airson iomadh bliadhna seach nach robh cothrom againn tilleadh dhachaigh, is mar sin tha sinn mothachail gu bheil iomadh adhbhar ann gu bheil taighean a' suidhe mar seo.

"Tha sinn airson còmhradh fhosgladh mu dheidhinn a bhith a' cur thaighean air màl tron bhliadhna air fad, chan ann dìreach as t-samhradh, agus 's e an rud a tha a' cur bacadh air daoine sin a dhèanamh 's e gu bheil iad airson saor-làithean a ghabhail.

"Ciamar a b'urrainn dhuinn obrachadh air sin no a leasachadh, rudan a dhèanamh airson sin a dhèanamh nas fhasa?

"Chan eil cothrom aig daoine gluasad no feuchainn air obair an seo seach nach eil taighean air màl tron bhliadhna air fad, ach ma tha 27% a' suidhe an ìre mhath falamh, feumaidh gu bheil dòigh ann gum faod sinn sin atharrachadh agus cothrom a thoirt do dhaoine na taighean sin a chleachadh", thuirt i.

Thuirt Isle Develop gu bheil coimhearsnachdan, cultar is cànan ann an cunnart ann an Alba, ach gur e suidheachadh a th' ann a tha bualadh air coimhearsnachdan air feadh Bhreatainn.

Sgrùdadh

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail - agus daoine aig a bheil dàrna dachaighean - a dhol an sàs, tha iad ag ràdh.

"Tha iomadh cnap-starra ann ach tha sinn airson an còmhradh a thòiseachadh is daoine a bhrosnachadh gus a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn", thuirt Rhoda Meek.

"'S ann leothasan a tha na taighean is cha tèid againn air sgath a dhèanamh mu dheidhinn sin gun cuideachadh bho na daoine a tha seo agus iomadh dhiubh, tha gaol aca air na h-eileanan.

"Chan eil mi buileach cinnteach dè an fhreagairt a th' ann, ach mura h-eil sinn a' còmhradh mu dheidhinn cha bhi freagairt idir ann", thuirt i.

Tha Isle Develop cinnteach às ge-tà, gum feum Riaghaltas na h-Alba gluasad gu luath.

Dh'innis iad gu bheil iad mothachail gu bheil sgeamaichean ceadachd gus tighinn a-steach a thaobh taighean air màl ghoirid.

Thuirt iad gur e tìde a dh'innseas dè cho soirbheachail 's a bhios sin, ach gu bheil e riatanach gun dèan an Riaghaltas a-nise sgrùdadh mionaideach air taighean a tha falamh a' mhòr-chuid den bhliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh