Cuimhneachan air Cogadh nan Eileanan Faclanach

  • Air fhoillseachadh
Cogadh nan Eileanan FaclanachTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,
Ghabh feachdan Bhreatainn smachd às ùr air na h-Eileanan Faclanach air an 14mh den Ògmhios 1982.

Thathar a' cuimhneachadh air Cogadh nan Eileanan Faclanach is 40 bliadhna bho thàinig e gu ceann.

Ghèill feachdan Argentina air an 14mh den Ògmhios 1982 is saighdearan Bhreatainn air smachd a ghabhail air na h-eileanan às ùr.

Thug sin gu ceann cogadh a mhair 74 là agus anns do bhàsaich 655 saighdear às Argentina, 255 à Breatainn, is triùir de shluagh nan Eileanan Faclanach.

Bha Argentina a' cumail a-mach bho thùs gun d'fhuair iadsan còir air na h-eileanan bhon Spàinn anns an 19mh linn is ghluais iad gus smachd a chur orra.

Bha an Rìoghachd Aonaichte air a bhith a' riaghladh nan Eileanan Faclanach fad 150 bliadhna is chuir iad feachdan ann gus an toirt air ais.

'S ann anns na beagan làithean às dèidh a' chogaidh a chaidh am Màidsear Iain Alasdair Dòmhnallach à Leòdhas dha na h-Eileanan Faclanach.

"Bha grunn de na balaich againn bho na h-Eileanan an Iar, cha chreid mi nach robh deichnear co-dhiù a bhruidhneadh Gàidhlig. Bha iadsan gu math tàmailteach nach d'fhuair iad sìos nuair a bha an cogadh air", tha Iain Alasdair a' cuimhneachadh.

Mèinnean

Ach ged a bha an t-sabaid seachad, bha obair chudromach is dhuilich ri dèanamh fhathast.

"Nuair a ràinig sinn thuirt iad rinn gun robh sinn gu bhith a' fuireach 'son sia mìosan co-dhiù agus bha sinn a' dol a ghlanadh an àite. Bha tòrr mhèinnean is bha tòrr chorp ann is b'fheudar dhuinn na cuirp a thiodhlaigeadh.

"An obair a bh' agamsa 's e feansaichean a chur timcheall air na h-àitichean far an robh na mèinnean, is mapaichean a dhèanamh a' sealltainn far an robh iad", thuirt e.

Dh'innis am Màidsear Dòmhnallach gun robh barrachd eòlais aig saighdearan Bhreatainn is iad air an ullachadh na b'fheàrr.

Thuirt e gu bheil e doirbh dha creidsinn gu bheil 40 bliadhna ann bho thàinig an cogadh gu ceann.

"Tha cuimhne agam air an là a landaig mise ann am Bàgh nan Sionnach a Deas. Bha tòrr de na taighean an sin, bha bomaichean air a dhol sìos agus cha ghabhadh còmhnaidh san àite. Thug sinn a-nall na taighean sin is rinn sinn dìonach iad.

Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,
Thug bàta mòr an QE2 saighdearan bhon Rìoghachd Aonaichte gu na h-Eileanan Faclanach.

"'S ann an sin a chaidh na saighdearan, ach na bha prìomh oifisean againn ann an taigh mòr 'son rùsgadairean nan caorach, a bhiodh a' tighinn a-steach 'son a' toirt na cloimhe bho na caoraich, agus 's ann an sin a bha prìomh thogalaichean na companaidh againn.

"Dh'fheuch sinn triop a' bruidhinn Gàidhlig - an dithis eileanach - chuimhnich sinn an uairsin gun robh tòrr Gàidhlig ann am Patagonia is ann an Argentina agus b'fheudar dhuinn a dhol air ais dha na còdan a-rithist", thuirt e.

Ged a tha am Màidsear Dòmhnallach a' coimhead air ais le moit, tha an còmhnaidh dà thaobh ann an cogadh.

Dha Argentina, 's e buille chruaidh a bh' ann na h-Eileanan Malvinas - mar a th' aca orra - agus na ceudan de shaighdearan òga a chall.

"'S e cuspair a tha gu math dlùth ri cridhe nan daoine an seo - cùis nam Malvinas", dh'innis Guillermo Santana MacFhionnlaigh ann an Argentina.

"Chan e arm proifeiseanta a bh' againn aig an àm ach dìreach gillean òga a bha air an tarraing chun an airm airson seirbheis a dhèanamh.

"Cha robh trèanadh gu leòr aca, bha iad cho òg agus chaochail mòran dhiubh, tòrr air bàta (am Belgrano) nach robh idir ann an sabaid, bha am bàta fada air falbh bhon àite ach chaidh a cur fodha le bàta tumaidh Breatannach. Às dèidh sin, bha 200 saighdear òg a bhàsaich ann an cogadh anns na h-eileanan fhèin.

Call

"Tha sin a' tarraing a' chuspair gu math dlùth ri cridhe nan daoine is gu seachd araid daoine cumanta oir bha mòran theaghlaichean a chaill mac", thuirt e.

Dh'innis Guillermo gun robh faireachdainn gu math làidir ann an Argentina gur ann leotha a bha na h-eileanan, ged nach robh a h-uile duine ag aontachadh gum bu chòir a dhol a chogadh mun deidhinn.

Mhìnich e gun robh doirbh dha leithid fhèin.

"Airson an fheadhainn againn aig a bheil dàimh ri Breatainn - le sinnsearan Breatannach, no Albannach air mo shon-sa - bha an suidheachadh uabhasach duilich, bha sinn mar gum biodh air ar sgaradh ann an dà thaobh.

"Ach bha sinn mionnaichte gun robh còir aig Argentina - ach cha robh a h-uile duine a' toirt taic dhan chogadh.

"'S e cuspair a tha gu math dlùth dhuinn fhathast agus fhathast rud gu math connspaideach. Feumaidh mi a ràdh nach eil a thaobh nan còraichean, ach a thaobh dè chaidh a dhèanamh - nach robh e ceart mar a rinn an riaghaltas feachd airm a chur dha na h-eileanan.

"Sin mar a thachair is feumaidh sinn a bhith beò le cùisean mar a thachair", thuirt e.