Fianais ga toirt seachad mu chùmhnant aiseagan

Air fhoillseachadh
MV Glen SannoxTùs an deilbh, PA Media

Bheir riochdairean an Riaghaltais Albannaich agus Còmhdhail Alba fianais do Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich aig Holyrood mun aithisg air na h-aiseagan a thathas a' togail air Chluaidh do ChalMac.

Rinn Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba càineadh air a' phròiseact aig Gàrradh MhicFhearghais.

Fhuair an aithisg aca gur e pròiseact a th' ann a th' air fàiligeadh aig grunn ìrean - le dìth shoillearachd air mar a chaidh co-dhùnaidhean a dhèanamh, dìth cheannais, is dìth tuigse mu na fhuaireadh às an airgead a chaidh a chosg thuige seo.

Fhuaireadh cuideachd gun do chuir ministearan taic ris an aonta gun na riaghailtean àbhaisteach a thaobh tèarainteachd ionmhais a bhith an sàs.

An t-seachdain seo chaidh, dh'aontaich a' chomataidh iarraidh air àrd-oifigear CMAL, Caoimhin Hobbs, seann chathraiche na buidhne, Erik Østergaard, is am fear a bha os cionn Gàrradh MhicFheargais, Jim MacColla, nochdadh air am beulaibh.

Dh'aontaich iad cuideachd fianais sgrìobhte iarraidh bho sheann mhinistear na còmhdhail, Derek MacAoidh, is an Riaghaltas ag ràdh gur esan a rinn an co-dhùnadh an cùmhnant a thoirt seachad.