Ceannas ùr air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh Ceannard is Neach-gairm ùr ainmeachadh aig Comhairle na Gàidhealtachd.
'S e an Nàiseantach Raymond Bremner an Ceannard ùr agus 's e an neo-eisimeileach Bill Lobban an Neach-gairm.
'S e an Comh. Raymond Bremner, a tha os cionn an SNP aig an ùghdarras.
'S e seo a' chiad turas a bhios comhairliche à Gallaibh san obair agus 's e a' chiad Cheannard a bhios fileanta sa Ghàidhlig.
Bhuannaich e an bhòt 40 gu 27.
Chaidh Ceannard nan Lib-Deamach, an Comh. Alasdair Christie, cuideachd a chur air adhart airson na dreuchd.
Chaidh an Comh. Bill Lobban, neo-eisimeileach à Bàideanach is Srath Spè, a thaghadh mar Neach-gairm na Comhairle.
Tha a' bhuidheann neo-eisimeileach agus an SNP air co-bhanntachd a stèidheachadh.