Faighibh aiseagan ùra, arsa BPA

Air fhoillseachadh
Glen SannoxTùs an deilbh, CMAL

Tha ìmpidh ga cur air Riaghaltas na h-Alba aiseagan ùra a cheannach no fhaighinn air màl gus lìonra ChalMac a neartachadh.

Thàinig an tagradh bhon BhPA Làbarach Rhoda Ghrannd, a tha a' riochdachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, an dèidh mar a chaidh Uibhist fhàgail gun seirbheis dhìreach gu Tìr-Mòr an t-seachdain seo chaidh.

Cluaidh

Tha dà shoitheach gan togail do ChalMac aig Gàrradh MhicFhearghais air Cluaidh, ach tha iad còig bliadhna fadalach agus bidh iad mòran nas cosgaile na bha còir aca a bhith.

Tha Ms Ghrannd den bheachd gur e suidheachadh èiginneach a th' ann agus gum bi trioblaidean mòra ann as t-Samhradh mura tèid feuchainn ri cùisean a leasachadh.

Bùrach

Thuirt i: "Tha mi air a bhith ag ràdh ris an Riaghaltas airson bliadhnaichean gum feum iad tuilleadh aiseagan fhaighinn - dh'fheuch iad rin togail is rinn iad bùrach dheth sin agus tha sin a' toirt buaidh air an t-seirbheis gu lèir."

"Millidh an suidheachadh eaconomaidh nan eilean mura tèid rudeigin a dhèanamh gu sgiobalta, agus saoilidh tu nach eil an Riaghaltas a' tuigsinn cho èiginneach 's a tha a' chùis."

Còmhdhail Alba

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil mar a tha iad air an Arrow fhaighinn air màl agus an Utne, neo an Loch Frisa mar a th' oirre a-nise, a cheannachd a' sealltainn gu bheil iad a' feuchainn ri piseach a thoirt air cùisean.