Coinneamh mu dhol a-mach mì-shoisealta

  • Air fhoillseachadh
Steòrnabhagh

Thèid na trioblaidean le dol a-mach mì-shòisealta ann an Steòrnabhagh a dheasbad aig coinneamh phoblaich oidhche Chiadain.

'S iad Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh a chuir a' choinneamh air dòigh.

Airson ùine a-nis tha gearanan air a bhith ann mu dhol a-mach mì-shòisealta am measg òigridh sa bhaile.

Chuir cha mhòr 2,000 duine ainm ri athchuing a thog dragh mun chùis.

Thèid coinneamh phoblach a chumail aig Ionad Fàilte ann an Ceann a' Bhàigh.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh ag ràdh gur e prìomh amas na coinneamh èisteachd ri draghan agus co-obrachadh a bhrosnachadh le dòchas fuasglaidhean a lorg 'son stad a chur air an dol a-mach seo agus daoine òga a chuideachadh.

Thuirt iad gu bheil taic ann bhon àrd-inspeactair Alasdair MacLeòid bho Phoileas Alba agus gum bi e an làthair aig a' choinneamh.

Tòisichidh a' choinneamh aig 7:00f is tha fàilte ron a h-uile duine.