Dealain-dè a' fàs tearc

  • Air fhoillseachadh
Dealan-dèTùs an deilbh, Butterfly Conservation

Tha coltas gun caillear còrr air a dhà a-mach à còig de na dealain-dè ann am Breatainn mura cuirear dìon orra.

Tha eòlaichean bhon bhuidhinn charthanais, Butterfly Conservation, a' cur a' choire air atharrachadh na gnàth-shìde agus truailleadh naidhtreoidsein a' tha a' toirt droch bhuaidh air na creutairean.

Tha na dealain-dè a' fulang mar thà leis gu bheil dòighean-obrach àiteachais air atharrachadh cho mòr anns an 50 bliadhna a dh'fhalbh.

Dìon

Thuirt iad gu bheil an dàrna leth de dhealain-dè ann am Breatainn air liosta dheirg. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad an cunnart a dhol à bith, no faisg air a dhol à bith.

Chaidh an dàta a chruinneachadh le luchd-obrach saor-thoileach agus tha còig seòrsaichean dealain-dè eile air an liosta dheirg bho chaidh an sgrùdadh mu dheireadh a dhèanamh ann an 2011.

Nam measg tha an donnag bhallach a tha air a bhith a' gluasad gu tuath tron dùthaich. Chan fhaicear e a-nise ann am pàirtean mòra de Shasainn.

Thuirt Ceannard Saidheans aig a' bhuidhinn, an Dtr Ridseard Fox, gum feumar àitean fa leth a chumail air an tuath agus anns na bailtean againn airson dealain-dè, eòin agus mamalan.

"Feumaidh sinn cuideachd feuchainn ri smachd fhaighinn air blàthachadh na Cruinne agus a bhith mothachail air na tha connadh fosail a' dèanamh air an talamh air am bi na dealain-dè a' tighinn beò", thuirt e.

Ach bha deagh naidheachd aca a thaobh dà shèorsa de dhealain-dè - An Dealan-dè Mòr Gorm agus am Fritilean Àrd Dhonn - leis gu bheil obair ghlèidhteachais air a bhith soirbheachail ann a bhith a' cur dìon orrasan.

Tha an liosta dhearg air a foillseachadh san iris Insect Conservation and Diversity.