Iomairt sgeulachdan an Uibhist is Barraigh

  • Air fhoillseachadh
Story WagonTùs an deilbh, Ruth Armstrong

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba agus Seirbheis Leabharlainn CnES a' cur air bhog iomairt airson sgeulachdan a chruthachadh ann an Uibhist is Barraigh.

Bidh Carbad nan Sgeulachdan a' stad ann an diofar sgìrean bho Bharraigh gu Beàrnaraigh le Luke Winter a' stiùireadh chùisean agus Dòmhnall Eòghainn MacFhionghuin a' togail fiolmaichean.

Bithear a' brosnachadh sean agus òg a bhith ag innse sgeulachdan bhon bheul-aithris aca fhèin, agus a' cruthachadh sgeulachdan ùra dhaibh fhèin.

Thèid buth-obrach a chumail ann an Cladach Chirceboist an Uibhist Tuath Dimàirt 31mh den Chèitean le Pòl Bristow a' sealltainn na tha esan a' dèanamh le sgeulachdan didsiteach, sgeulachdan ann an leabhraichean is comics, agus mar a tha e ag obair le caractaran.

Bidh an Carbad aig na h-àitean a leanas bho 10m - 3f:

Diluain 30 den Chèitean - Talla Choimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil

Dimàirt 31 den Chèitean - Cothrom, Uibhist a Deas

Diciadain 1 den Ògmhios - Sgoil Bhaile a' Mhanaich

Diardaoin 2 den Ògmhios - Taigh Chearsabhagh

Dihaoine 3 den Ògmhios - Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh

Thèid crìoch a chur air an t-seachdain le cruinneachadh aig teine-campachaidh taobh a-muigh Talla Choimhearsnachd Bheàrnaraigh far am faigh daoine an cothrom na sgeulachdan ùra aca innse.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho gordon.connelly@scottishbooktrust.com no kathleen.milne@cne-siar.gov.uk air 01851 822790