A' Ghàidhlig "Co-ionnanachd laghail a dhìth"

  • Air fhoillseachadh
Sgoil

Bu choir dhan Ghàidhlig a bhith co-ionnan ris a' Bheurla san lagh, agus còir a bhith aig pàrantan air foghlam Gàidhlig dhan cuid chloinne.

Sin na dh'innis Comann nam Pàrant Nàiseanta do choinneimh de chomataidh Gàidhlig Holyrood oidhche Luain, is iad a' coimhead air adhart gu bile ùr air Cànain na h-Alba san ùine ri teachd.

Nuair a thàinig Achd na Gaidhlig bho chionn 17 bliadhna, thug e a-steach, am measg eile, rud air bheil co-ionnanachd spèis.

Chan e sin buileach an aon rud ri co-ionnanachd uile gu lèir ge-tà.

Nuair a thàinig Achd an Fhoghaim ann an 2016, thug sin leis dòigh airson pàrantan iarrtas a chur a-steach airson foghlaim Ghàidhlig dhan cuid chloinne.

Chan eil dearbhadh sam bith ann am faigh iad e ge-tà.

Tha Comann nam Pàrant ag iarraidh an dà rud sin atharrachadh.

Tha iad airson 's gum bi a' Ghàidhlig co-ionnan leis a' Bheurla, agus gum bi còir aig pàrantan air Foghlam Gàidhlig.

Le sin, thigeadh neartachadh no daingneachadh san lagh, ach tha ceist ann a bheil gu leòr thidsearan ann a lìbhrigeadh am foghlam sin, am measg eile.