Corp ga lorg san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh na Poilis a bha a' sireadh fireannaich a tha a dhìth corp anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh a dhearbhadh gur e corp Tom Stephens, 72, a th' air a bhith a dhìth bho a dhachaigh ann am Breacais bho oidhche Shathairne.

Thuirt a theaghlach gun robh e neo-àbhaisteach dha a bhith a' falbh gun fhios.

Chaidh an corp a lorg Diluain ann an sgìre Bhreacais.

Chaidh fios a chur air a theaghlach agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thug na Poilis taing don phoball airson cuideachadh leis an iomairt gus a lorg.