Tha an Hebrides a' tilleadh Diluain
- Air fhoillseachadh

Tillidh an Hebrides gu seirbheis àbhaisteach madainn Diluain a' fàgail Uige aig 09:30m.
Chaidh obair-càraidh a dhèanamh air a' bhàta aig doca James Watt ann an Grianaig às dèidh dhi bualadh ann an cidhe Loch nam Madadh Diciadain sa chaidh.
A thuilleadh air troimh-chèile air seirbheisean Uibhist is na Hearadh bhon uairsin thug e buaidh air grunn shlighean eile cuideachd.
Chaidh an Hebridean Isles a chleachdadh 'son seirbheis eadar Uibhist a Tuath agus an t-Eilean Sgitheanach agus tillidh ise gu Ìle.
B'fheudar luchd-siubhail às na Hearadh bàt-aiseig Steòrnabhaigh a' chleachdadh.
Bruidhinnidh luchd-obrach ChalMac ri luchd-siubhail air an d'thug seo buaidh 'son innse dhaibh dè an t-seirbheis air an tèid an cuir.
Tha an Lord of the Isles fhathast anns an doc airson obair-càraidh.
Cha deach dearbhadh cuin a thilleas ise dhan t-seirbheis eadar Loch Baghasdail is Malaig.
Thuirt tè-labhairt ChalMac gu bheil iad fìor dhuilich mun troimhe-chèile agus thug iad taing dhan luchd-siubhail airson a bhith foighidneach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 An Cèitean