Fèidh air na rathaidean

  • Air fhoillseachadh
FèidhTùs an deilbh, Buidheann Nàdair na h-Alba

Thug Buidheann Nàdair na h-Alba rabhadh seachad do dhraibhearan a bhith faiceallach is tòrr a bharrachd fhiadh air na rathaidean aig an àm seo den bhliadhna.

Tha iad ag ràdh gu bheil tubaistean rathaid le fèidh mar as trice nas bitheanta aig deireadh a' Chèitein is san Ògmhios is fèidh òga a' sgaoileadh a-mach gu talamh ùr.

Dh'innis iad gu bheil iad ag obair le Còmhdhail Alba is Trafaig Alba gus rabhaidhean mun chunnart seo a chur air soidhnichean eileagtronaigeach air na prìomh rathaidean fad trì seachdainean bho Dhiluain.

Thuirt iad gur dòcha gu bheil an àireamh de thubaistean eadar càraichean is fèidh ann an Alba gach bliadhna cho àrd ri 9,000, is gum bi tubaistean ann air feadh na dùthcha.

Bidh a' mhòr-chuid a' tachairt mu chiaradh an fheasgair is eadar 06.00m is 09.00m.

Thuirt Buidheann Nàdair na h-Alba gum bu chòir do dhraibhearan a bhith faiceallach is gu h-àraidh nuair a tha iad a' draibheadh faisg air coilltean.

Dh'innis iad cuideachd gum bu chòir fios a chur air na poilis às dèidh tubaist sam bith le fiadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh