Suidheachadh a' Bhugha Mhòir ga dheasbad

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir

Thèid na tha an dàn do dhachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir am Port Rìgh a dheasbad aig coinneamh Dihaoine.

Dh'innis a' chompanaidh Crossreach sa Mhàrt gum biodh an dachaigh a' dùnadh san Ògmhios is an togalach ann an droch staid.

Gheall teaghlaichean strì mhòr a dhèanamh gus a chumail fosgailte.

Chan eil ach dà dhachaigh-cùraim eile san Eilean Sgitheanach, tè eile ann am Port Rìgh agus tè san Àth-Leathann.

Doirbh is duilich

Dh'innis BP na sgìre, Iain Blackford, gu bheil tairgse ann bho Chrossreach do Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd an togalach a ghabhail thairis saor an asgaidh.

Thuirt àrd-oifigear a' bhùird gu feumar coimhead air a h-uile roghainn a th' ann agus gur e cùis dhoirbh agus dhuilich a th' ann.

Cha do dh'fhreagair Pam Dudek ge-tà, a' cheist co-dhiù bhiodh iad deònach an dachaigh-cùraim a ghabhaill thairis.

Bidh am bòrd-slàinte, teaghlaichean agus Crossreach aig a' choinneamh air-loidhne madainn Dihaoine.