Luaidh ga dhèanamh air a' Chaiptean Ruairidh MacFhionghain

  • Air fhoillseachadh
An Caiptean Ruairidh MacFhionghain
Fo-thiotal an deilbh,
Bha an Caiptean Ruairidh MacFhionghain na chomhairliche do Bharraigh airson 13 bliadhna

Tha Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, an Comhairliche Coinneach MacLeòid, air luaidh a dhèanamh air a' Chaiptean Ruairidh MacFhionghain an dèidh a bhàis aig aois 93.

Bha an Caiptean MacFhionghain na bhall de Chomhairle nan Eilean Siar a' riochdachadh Bhàgh a Tuath ann am Barraigh eadar 1986 agus 1999.

Thuirt an Comh. MacLeòid: "B' e duine còir dha-rìreabh a bh' ann an Ruairidh MacFhionghain a rinn strì às leth na coimhearsnachd aige agus a sheas suas airson muinntir Bharraigh, nan Eilean Siar agus na Gàidhlig.

"Bha e 13 bliadhna na chomhairliche agus gu mòr an sàs ann am buidhnean ionadail agus tha sin a' dearbhadh cho dìleas a bha e dhan choimhearsnachd aige agus earbsa an luchd-còmhnaidh ann mar riochdaire dhaibh.

"Tha ar smuintean le banntrach Ruairidh agus a theaghlach."

Tha brataichean aig leth-chrann aig Oifis na Comhairle ann an Steòrnabhagh, agus aig Sgoil Bhàgh a' Chaisteil mar urram dhan Chaiptean MacFhionghain.