Thèid MBE a bhuileachadh air "Rìgh na Cèilidh"

  • Air fhoillseachadh
Fergie DòmhnallachTùs an deilbh, Fergie Dòmhnallach

Thèid urram MBE a bhuileachadh air "Rìgh na Cèìlidh" Fergie Dòmhnallach aig seirbheis phrìobhaideach aig Taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis Dihaoine.

Bidh maestro Mhùideirt a' comharrachadh an urraim le cuirm air an oidhche san taigh-chluiche agus dùil ri cuid de na rionnagan as motha ann an saoghal ciùil thraidiseanta air an àrd-ùrlar còmhla ris.

Cluinnear cuid de na fuinn as ainmeile a rinn an cluicheadair-bogsa agus còmhradh eadar e fhèin agus am fear-ciùil agus craoladair BBC Radio Alba, Gary Innes, mun bheatha aige.

Aig aois 85 bliadhna 's e Fergie am fear as sine fhathast a bhios na phrìomh cheòlaidear aig cuirm ann an Eden Court.

Spèis an t-sluaigh

Thuirt Fergie: "'S e urram mòr MBE fhaighinn agus tha mi air mo dhòigh glan gum bi mo theaghlach ann airson a chomharrachadh cho math ris an fheadhainn a th' air a bhith sa chòmhlan còmhla rium cho fada agus an fheadhainn a thàinig a-mach airson èisteachd rinn agus taic a thoirt dhuinn thar nam bliadhnaichean."

Thuirt Gary Innes: "'S e rionnag mhòr a th' ann an Fergie agus meas mòr aig daoine air air feadh Alba.

"Tha e mìorbhaileach fhaicinn urram cho cliùteach ri MBE fhaighinn agus 's mòr an airidh air air an spèis a th' aig daoine air."

Am measg na bhios còmhla ri Fergie agus Gary air an àrd-ùrlar, bidh Ailean Mac Eangraig, Iain MacPhàrlain, Addie Harper agus Ùisdean MacCaluim.