Buidheann-riaghlaidh ùr an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Tha co-bhanntachd ùr eadar na Tòraidhean, na Neo-eisimeilich, is na Lib Deamaich air smachd a ghabhail air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Choinnich an t-ùghdarras Diardaoin 'son a' chiad turas bho bha an taghadh ann.

'S iad an SNP a' bhuidheann as motha san sgìre às dèidh an tagaidh le dusan ball, ach cha deach aca air mòr-chuid aontachadh.

Tha deichnear aig na Tòraidhean, seachdnar aig na Neo-eisimeilich, is còignear aig na Lib Deamaich, agus 's iad na buidhnean sin a bhios os cionn an ùghdarrais às dèidh dhaibh tighinn gu aonta Diardaoin.

Fon aonta sin, tha an Comhairliche Ìleach Lib Deamach, Robin Currie, a' tilleadh mar cheannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

'S e an Comhairliche Tòraidheach, Maurice Corry, a bhios na fhear-gairm.

Chaidh na prìomh dhreuchdan aontachadh aig Comhairle nan Eilean Siar Dimàirt.

Coinnichidh Comhairle na Gàidhealtachd 'son a' chiad turas às dèidh an taghaidh an ath-sheachdain.

Tha an SNP agus na Neo-eisimeilich air leigeil fhaicinn gu bheil iad an dùil buidheann-riaghlaidh a stèidheachadh.