Co-obrachadh san amharc aig Comhairle nan Eilean Siar

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,
Uibhisteach na Cheannard air Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt ceannardan ùra Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gun obraich comhairlichean uile ri chèile anns na bliadhnaichean ri tighinn is dùil ri teirm dùbhlanach.

Chaidh Pòl Steele a thaghadh mar cheannard ùr na Comhairle Dimàirt is Coinneach MacLeòid air a thaghadh ann an dreuchd an neach-ghairm.

Air a' cheann thall bha feum air cairtean a tharraing san fharpais eadar an Comh. MacLeòid is an Comh. John A MacÌomhair is iad co-ionnan sa bhòtadh.

Dh'innis an Comh. MacLeòid, a tha na bhall SNP 'son an Taobh Siar is Nis, gun robh fios aige gum biodh cùisean faisg. Thuirt e gum feum buill an ùghdarrais a-nise tighinn còmhla.

"Aon rud a bha a dhìth san teirm mu dheireadh dhan Chomhairle, gun robh trioblaidean ann nach robh daoine ag obrachadh còmhla, agus 's dòcha nach robh sinn a' dèanamh na bu chòir dhuinn 'son na h-Eileanan a thoirt air adhart", thuirt am fear-gairm ùr.

"Tha mise gu mòr a' smaoineachadh gur e sin an dòigh airson na h-Eileanan a thoirt air adhart: gum feum a h-uile duine a bhith ag obrachadh còmhla.

"Buill na Comhairle, buidhnean poblach - gheibh sinn tòrr air a dhèanamh nuair a tha sinn ag obrachadh còmhla.

"A dh'aindeoin dè am poileataigs aig duine sam bith, feumaidh a h-uile duine a bhith ag obair mar aona bhuidhinn is chan ann mar diofar bhuidhnean taobh a-staigh na Comhairle", thuirt e.

Dùbhlanach

Cha robh cùisean buileach cho faisg a thaobh obair a' cheannaird.

Air a' cheann thall fhuair an Comh. Pòl Steele, ball Neo-eisimeileach 'son Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Beinn nam Fadhla, còig bhòtaichean a bharrachd na comhairliche Sgìre an Rubha, Norrie Dòmhnallach.

'S e an Comh. Steele a' chiad cheannard bho na h-eileanan mu dheas bho na 70an.

Thuirt e gu bheil dùil ri teirm dùbhlanach is Covid, an cogadh san Ùcrain, Brexit, is cosgaisean bith-beò a' bualadh air daoine aig gach ìre.

Thog esan cuideachd air co-obrachadh.

"An rud a thug dhomh dòchas an-diugh, 's e gun robh a h-uile duine a bha a' seasamh 'son na prìomh dhreuchdan ag ràdh an aon rud.

"'S e sin gum feum sinn coimhead às dèidh muinntir nan Eilean Siar, a' dèanamh cinnteach gum faigh sinn an taic-airgid air a bheil sinn airidh, a' dèanamh cinnteach gum faigh sinn tron stoirm a tha a' tighinn", thuirt e.

A thuilleadh air ceannard is neach-gairm, chaidh an Comh. Donnchadh MacAonghais a thaghadh mar iar-cheannard.

Tha an Comh. Dòmhnall Crichton a-rithist na chathraiche air Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich leis a' Chomh. Tormod Dòmhnallach mar iar-chathraiche.

'S e an Comh. Pòl Finnegan às na Hearadh cathraiche ùr Comataidh an Fhoghlaim is an Comh. Mustapha Hocine mar iar-chathraiche.

Tha an Còmh. Ùisdean Robasdan a' tilleadh a-rithist mar chathraiche na Còmhdhail is comhairliche ùr Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Beinn nam Fadhla, Susan NicThòmais, mar iar-chathraiche.