Buidheann-riaghlaidh ùr aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha buidhnean an SNP agus na Neo-eisimeilich an dùil buidheann-riaghlaidh ùr a stèidheachadh aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Chuir an dà bhuidheann taic ris a' ghluasad is tha iad air fios a chur air àrd-stiùiriche na Comhairle.

Thèid an gnothach air beulaibh an ùghdarrais gu foirmeil Diardaoin an ath-sheachdain nuair a choinnicheas comhairlichean 'son a' chiad turas bho bha an taghadh ann.

Thèid dreuchdan sa Chomhairle ùir a thaghadh an uair sin cuideachd.

'S iad an SNP a' bhuidheann as motha a bh' ann san taghadh ionadail air a' Ghàidhealtachd le 22 chomhairliche.

Bha na Neo-eisimeilich dìreach air an cùl le 21.

"Tha còmhraidhean math air a bhith againn san t-seachdain mu dheireadh agus tha sinn a' coimhead air adhart ri co-bhanntachd sheasmhach a stèidheachadh gus a' Chomhairle a thoirt air adhart", thuirt ceannard buidheann an SNP, an Comh. Reamonn Bremner.

"Bheir an t-aonta seo dhuinn buidheann-riaghlaidh a bhios seasmhach is obraichidh sinn còmhla 'son math muinntir na Gàidhealtachd", thuirt ceannard nan Neo-eisimeileach, an Comh. Bill Lobban.