CnES gus ceannardan ùra a thaghadh
- Air fhoillseachadh

Thèid ceannard agus neach-gairm ùr a thaghadh aig Comhairle nan Siar Dimàirt agus buill a' coinneachadh airson a' chiad uair bho na taghaidhean ionadail.
'S e dithis ùr a bhios anns na dreuchdan às àirde sa Chomhairle is an fheadhainn a bha annta - Roddy MacAoidh is Tormod Dòmhnallach - air an ùghdarras ionadail fhàgail.
Thathas a' tuigsinn gu bheil triùir a' seasamh airson gach dreuchd.
A' farpais airson obair a' cheannaird tha an Comh. Pòl Steel (Neo-eisimeileach) à Uibhist a Deas, an Comh. Gòrdan Moireach (ceannard an SNP air a' Chomhairle) à Steòrnabhagh a Tuath, agus an Comh. Norrie 'Tomsh' Dòmhnallach (Neo-eisimeileach) à Sgìre an Rubha.
A thaobh neach-gairm, 's e farpais a bhios ann eadar an Comh. John A MacÌomhair (SNP) à Loch a Tuath, an Comh. Coinneach MacLeòid (SNP) às an An Taobh Siar agus Nis, agus an Comh. Aonghas MacCarmaig (Neo-eisimeileach) à Steòrnabhagh a Deas.
Nuair a thèid an dà dhreuchd a lìonadh madainn Dimàirt, thèid an uairsin cathraichean nan comataidhean a thaghadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 6 An Cèitean