Leasachadh mòr aig Beinn Cruachain san amharc
- Air fhoillseachadh

Dhearbh a' chompanaidh Drax gu bheil iad a' sireadh cead-dealbhachaidh airson leasachadh mòr a thoirt air ionad haidro Beinn Cruachain ann an Earra-Ghàidheal.
Bhiodh an comas dealain aig an stèisean, a tha am broinn na beinne, còrr air dhùblachadh gu 1.04GW fo na planaichean, is dh'fheumadh dà mhillean tunna de chreig a thoirt a-mach às a' bheinn.
Rinn Drax co-chomhairle mu na planaichean nas tràithe am-bliadhna.
Dh'innis iad aig an àm sin gu bheil dùil gun tigeadh taighean ùra 'son na sgìre às an seo cuideachd.
Tha iad ag ràdh gum faodadh suas ri 900 cosnadh a bhith ann nuair a tha an t-ionad ùr ga thogail.
Tha Drax cuideachd ag iarraidh atharrachadh san t-siostam subsadaidh airsom an t-seòrsa dealain haidro a tha ga dhèanamh aig Beinn Cruachain, is iad ag ràdh gu bheil feum air sin airson leigeil leis an leasachadh a dhol air adhart.
Thuirt Drax ma thèid leotha gum faodadh obair a thòiseachadh an ceann dà bhliadhna, is gum biodh an leasachadh ùr deiseil ro 2030.