Ionad ùr coimhearsnachd ga fhosgladh air Taobh Sear Rois

  • Air fhoillseachadh
Taobh a-staigh an ionaid ùirTùs an deilbh, Alison White
Fo-thiotal an deilbh,
Taobh a-staigh Ionaid Chuimhneachaidh Iain Rois, a dh'fhosgail gu h-oifigeil Dihaoine.

Chaidh ionad ùr coimhearsnachd a stèidheachadh ann an seann eagalais air Taobh Sear Rois.

Cheannaich a' bhuidheann coimhearsnachd Talla Cuimhneachaidh Bhailtean a' Chladaich an t-seann Eaglais Shaor Chlèireach eadar Baile a' Chnuic agus Baile an Todhair ann an 2020.

'S e Ionad Cuimhneachaidh Iain Rois a thugadh air an t-ionad ùr, a tha a-nis fo shealbh na coimhearsnachd ionadail.

Dh'fhosgladh an t-ionad gu h-oifigeil aig tachartas Dihaoine.

Dh'innis a' bhuidheann gu bheil iad airson àite a stèidheachadh far an tig muinntir an àite agus luchd-tadhail còmhla.

Fhuair iad taic-airgid luach £48,500 airson an togalach a cheannach bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

A bharrachd air an sin, agus an t-airgead a thogadh am measg na coimhearsnachd, fhuair iad £54,000 bho eaglais ann an Coirèa a Deas.

Ceangailean

Tha ceangal làidir aig an sgìre sep de Shiorrachd Rois ri Coirèa agus tha sin ri fhaicinn ann an ainm an ionaid ùir.

B' e miseanaraidh a bh' ann an Iain Rois, a rugadh faisg air Baile an Todhair ann an 1842.

Chuir e seachad faisg air 40 bliadhna na mhiseanaraidh ann an Sìne agus Coirèa.

B' e a' chiad duine a dh'eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh gu Coirèanais.

Thàinig buidheann bho Eaglais Chlèireach Pyungkang Cheil air thuras a Thaobh Siar Rois ann an 2019.

Chaidh co-dhùnadh an uair sin gur e Ionad Cuimhneachaidh Iain Rois an t-ainm a bhiodh air an ionad ùr.

Tha dùil ann cuideachd gun tèid pàirt de Chlach Bhaile a' Chnuic, a tha a' dol air ais gu 800CE a ghluasad bho Thalla Cuimhneachaidh Bhailtean a' Chladaich dhan ionad ùr.

'S e clach shnaidhte Chruithneach a th' ann agus tha am pàirt eile den chloich san Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Èideann.

Thèid gnothaichean eachdraidheil eile à Taobh Sear Rois cuideachd a thaisbeanadh san ionad ùr.