Mèirle aig taigh-staile an Srath Spè

  • Air fhoillseachadh
Taigh-Staile GlenfarclasTùs an deilbh, Taigh-Staile Glenfarclas

Thuirt taigh-staile ann an Srath Spè gun deach uisge-beatha luach còrr 's £100,000 a ghoid bhuapa.

Chaidh briseadh a-steach gu ionad luchd-tadhail Taigh-Staile Glenfarclas, faisg air Baile na Dalach, air an deireadh-sheachdain 's chaidh botail agus togasaidean sònraichte a ghoid.

Thathas air fiosrachadh iarraidh bhon mhòr-shluagh mun mhèirle.

Dh'iarr an taigh-staile cuideachd taic bho dhuine sam bith a chì gin de na botail aig rup.

Tùs an deilbh, Taigh-Staile Glenfarclas